Plana Nàiseanta na Gàidhlig

B’ e clach-mhìle shònraichte ann an leasachadh na Gàidhlig a bh’ ann am foillseachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig le Bòrd na Gàidhlig. Tha e a’ stèidheachadh tùs-samhail airson leasachadh na Gàidhlig thar nan raointean co-cheangailte ri Togail Cànain, Cleachdadh Cànain, Inbhe Cànain agus leasachadh Corpais. Ann am fìorachd, ‘s e plana ro-innleachdail fad-amail dha Bòrd na Gàidhlig a th’ ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig, agus do bhuidhnean eile aig a bheil àite ann an leasachadh na Gàidhlig.

Ginealach Ùr na Gàidhlig

Anns an Dùbhlachd 2009, chuir Bòrd na Gàidhlig plana gnìomh “Ginealach Ùr na Gàidhlig” air bhog, a’ mìneachadh am planaichean airson astar a chur anns an àireamh a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus ga cleachdadh, agus cuideachd dòighean nas èifeachdaiche air a bhith ag obair agus a’ cleachdadh stòrais.  Gheibhear lethbhreac de Ginealach Ùr na Gàidhlig an cois seo.