Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig
Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, a dh’aontaicheadh le Pàrlamaid na h-Alba, ag amas air inbhe na Gàidhlig a dhaingneachadh mar chànan oifigeil ann an Alba aig a bheil co-ionannachd spèis ris a’ Bheurla.
Tha an Achd a’ togail air an stiùireadh a bha ann cheana air còirichean na Gàidhlig is mhion-chànain eile, mar Agartas nan Nàiseanan Aonaichte air Còirichean Dhaoine a Bhuineas don Bheag-chuid a thaobh Dualchais, Creideimh no Cànain (1992), Cairt Eòrpach nan Cànan Roinneil agus nam Mion-chànan aig Comhairle na h-Eòrpa (1992), Am Frèam-Chùmhnant airson Dìon Mhion-bhuidhnean Nàiseanta (1995); agus clàsaichean mun Ghàidhlig ann an reachdas Phàrlamaidean na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba co-cheangailte ri foghlam, meadhanan, cùirtean sìobhalta agus croitearachd. Am measg rudan eile tha an Achd a’ cur mar dhleastanas air Bòrd na Gàidhlig Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ullachadh agus a chur fa chomhair nam Ministearan Albannach. Anns an t-seagh sin, ’s e sgrìobhainn le inbhe laghail a tha anns a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig seach dìreach liosta de phrìomhachasan corporra.
Tha am Plana seo a’ coileanadh iarrtas na h-Achd gun tèid Plana ath-leasaichte a chur a-steach còig bliadhna às dèidh a’ chiad fhir agus tha e a’ cur an cèill gu soilleir na prìomhachasan as cudromaiche airson na Gàidhlig agus mar a bu chòir an stòras a tha ri fhaotainn a chur gu feum.
Tha molaidhean sa Phlana a thaobh ro-innleachdan a chur air adhart airson an àireamh a bhruidhneas Gàidhlig àrdachadh, cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus cànan is cultar na Gàidhlig a dhèanamh nas fhollaisiche. Tha e a’ gabhail a-steach phrìomhachasan dham bu chòir buidhnean is ùghdarrasan sùim a ghabhail an dàimh ri cùisean Gàidhlig agus Planaichean Gàidhlig.
