colmcille3

Colmcille

"A’ Ghàidhlig: Cànan bhrìoghmhor beò ann an Èirinn agus Alba"

Chaidh Colmcille a stèidheachadh ann an 1997 air a mhaoineachadh le Riaghaltasan Alba, Èireann a Tuath agus Phoblachd na h-Èireann le dleastanas a bhith a’ cruthachadh coimhearsnachd bheothail, cho-obrachail eadar Èirinn agus Alba.

Tha iad ag amas air seo a choileanadh ann an dà dhòigh:

  • a’ toirt tabhartas ionmhais do phròiseactan a tha a’ coileanadh ar n-amasan ro-innleachdail
  • a’ cur phròiseactan air dòigh a tha a’ tarraing aire dhaoine chun an dualchais choitchinn a tha aig Poblachd na h-Èireann, Èirinn a Tuath agus Alba. 

Amasan Cholmcille

A’ brosnachadh a bhith a’ cleachdadh nan cànanan Gàidhlig – Gaeilge agus Gàidhlig na h-Alba – ann an agus eadar Èirinn agus Alba. A’ tarraing aire dhaoine chun an dualchais choitchinn – cànan is cultar – a th’ aig Èirinn a Tuath, Alba agus Poblachd na h-Èireann.

Sgeama Thabhartasan & Sgoilearachdan

Tha Colmcille an-dràsta a’ sireadh bheachdan airson pròiseactan coimhearsnachd, cànain, ealain, foghlaim agus spòrs. Ma tha sibh airson iarrtas a chur a-steach, cuiribh fios sa chiad àite gu Oifigear Pròiseict na sgìre agaibh fèin. 

Tha Colmcille cuideachd a' toirt seachad tabhartas airson luchd-labhairt na Gàidhlig a tha airson Gaeilge ionnsachadh, agus luchd-labhairt na Gaeilge a tha airson Gàidhlig ionnsachadh aig clasaichean sònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig agus Ionad Chaluim Chille Ìle.

Airson Tuilleadh Fiosrachadh air Colmcille

Alba - Iain MacAmhlaigh

Oifigear Leasachaidh Colmcille

Fòn: +44 (0) 1236 732981
                  07989 407 227
Post-d:     iain@gaidhlig.org.uk

Éirinn - Maolcholaim Scott

Fòn: 02890890983
Post-d: maolcholaim@colmcille.net

Faicibh cuideachd: 

Làrach lìn Colmcille: www.colmcille.net
Làrach lìn Foras na Gaeilge: www.gaeilge.ie

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use