Bòrd na Gàidhlig - Naidheachdan Ùra
Bòrd na Gàidhlig a’ toirt cothrom ùr air taic-airgid do choimhearsnachdan

Tha Taic Freumhan Coimhearsnachd, sgeama maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, air fosgladh a-rithist airson iarrtasan ùra bho buidhnean a tha ag amas air cothroman ionnsachaidh agus cleachdaidh na Gàidhlig a leudachadh anns na sgìrean aca fhèin.

20 An Dùbhlachd 2011
Co-labhairt Cheannardan Sgoile a’ togail air riatanas com-pàirteachais

Ghabh ceannardan sgoile a’ chiad cheum an t-seachdain-sa a dh’ionnsaigh lìonra nàiseanta a chruthachadh a bhios ag amas air taic a chur ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba.  Aig a’ cho-labhairt ann an Inbhir Nis, a’ chiad cho-labhairt de dhà air aoigheachd bho Bhòrd na Gàidhlig, chuir ceannardan air feadh na dùthcha taic ris a’ mholadh a bhith a’ coinneachadh gu cunbhalach, mar oidhirp air an roinn a chuideachadh ’s a neartachadh, agus a tha air a mholadh ann an aithisg HMIe  “Gaelic Education: Building on the successes, addressing the barriers” a thàinig a-mach o chionn ghoirid.

09 An Dùbhlachd 2011

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use