Airson a’ chiad uair a-‐riamh, chithear duais Ghàidhlig aig tachartas Duaisean Foghlaim na h-‐ Alba am-‐bliadhna. Tha an duais a tha às leth Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Ionnsachadh a’ toirt aithne do sgoiltean agus ro-‐sgoiltean a tha a’ solarachadh chothroman don chloinn uile, mothachadh do chànan is do chultar na Gàidhlig a leasachadh. Tha an duais a’ faotainn taic urrasachd bho Bhòrd na Gàidhlig a tha a’ brosnachadh nan sgoiltean uile gus pàirt a ghabhail ann. Tha cothroman ainmeachaidh mu choinneamh na duaise fosgailte gu làithreach agus bidh sin a’ dùnadh aig toiseach a’ Mhàirt. Bidh seirbheis shònraichte a’ gabhail àite dhaibhsan a bhios air a’ gheàrr-‐liosta airson nan duaisean air Dimàirt 12 Ògmhios ann an Taigh-‐òsta Hilton ann an Glaschu. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na duaisean air làrach-‐lìn Bhòrd na Gàidhlig aig www.gaidhlig.org.uk.
Tha Taic Freumhan Coimhearsnachd, sgeama maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, air fosgladh a-rithist airson iarrtasan ùra bho buidhnean a tha ag amas air cothroman ionnsachaidh agus cleachdaidh na Gàidhlig a leudachadh anns na sgìrean aca fhèin.
