An Dàmhair 2007

Fàilte

Fàilte gun  chiad chuairtlitir bho Bhòrd na Gàidhlig.  Bidh sinn a’ cleachdadh seo gus fios a chumail ri coimhearsnachdan, daoine fa leth agus buidhnean a tha taiceil don Ghàidhlig.  Bidh sinn a’ toirt fiosrachadh ùr dhuibh gach ràith air na tha am Bòrd a’ dèanamh.  Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh agus gum bi e feumail.

Tha na mìosan a chaidh seachad air a bhith air leth cudromach don Bhòrd agus don Ghàidhlig  san fharsaingeachd. Anns a’ Mhàrt, chaidh a’ chiad Phlana Nàiseanta don Ghàidhlig a bhios a’ toirt mapa slighe còig bliadhna gus piseach is leasachadh a thoirt don chànan fhoillseachadh.  A bharrachd air an seo, tha sinn air Stiùireadh oifigeil do Bhuidhnean Poblach fhoillseachadh gus an cuideachadh le bhith ag ullachadh nam Planaichean Gàidhlig aca.  Bheir seo cuideachadh do Riaghaltas na h-Alba, Ughdarrasan Ionadail agus buidhnean poblach eile Planaichean Gàidhlig a chur an gnìomh gus Gàidhlig a dhèanamh mar phàirt den bheatha àbhaisteach agus cothroman a thoirt do neach-ceannaich an cànan a chleachdadh tro seirbheisean a bhios air an tabhann dhaibh gu h-àbhaisteach.  Tha sinne cinnteach gu bheil seo a’ tabhann toiseach tòiseachaidh ùr de chothroman agus seirbheisean  ùr agus nas fheàrr do luchd-labhairt na Cànain agus a’ toirt piseach do luchd-ionnsachaidh.

 

Tha an Stiùireadh agus am Plana Nàiseanta a’ toirt a’ chiad cheum airson àm ri teachd a bhios seasmhach don Ghàidhlig.  Tha an dà sgrìobhainn seo ri fhaicinn agus fhaighinn air an làrach-lìn againn www.bord-na-gaidhlig.org.uk  no cur fios thugainn  san oifis ma tha sibh ag iarraidh leth bhreac cruaidh sa phost bhon t-seòladh aig bonn na cuairtlitreach seo.

Tha mi an dòchas gun còrd a’ chuairtlitir seo ribh agus gun gabh sibh an cothrom, am fios aig bonn na duilleig a chleachdadh gus fiosrachadh a chur air ais thugainn.

Coinneach Moireach
Ceannard


Naidheachdan a’ Bhùird

Ceannard Ùr

Tha an Ceannard ùr againn, a' sgrìobhadh anns a chuairtlitir seo a' tighinn chun a Bhòrd bho dhreuchd fhollaiseach mar Mhanaidsear Phrògraman Pàrlamaideach agus Cultarail airson Iomairt nan Coilltean Alba, pàirt de Choimisean nan Coilltean.

Tha Coinneach a’ gabhail àite Ailein Chaimbeul a leig dheth a dhreuchd sa Mhàrt agus thòlsiche san obair air 1 Sultain 2007.

Gus barrachd fiosrachadh fhaighinn tadhal air Naidheachdan air an làrach-lìn againn - www.bord-na-gaidhlig.org.uk

Foghlam

Tachartas ur do thidsearan ura

Chum Bòrd na Gàidhlig a’ chiad Cho-labhairt do Thidsearan Ura Gàidhlig san Taigh-osta Menzies ann an Glaschu air an 18mh is 19mh den Ogmhios. Chuala oileanaich bho chaochladh luchd-labhairt mu chuspairean leithid Prionnsabalan Bogadh Canain, A’ leudachadh Fileantas ann an Leughadh is Sgriobhadh, Goireasan Teagaisg is Briathrachas agus Rianachd àrainneachd is Smachd sa chlas. Fhuair na tidsearan ura cuideachd cothrom coinneachadh ri tidsearan eolach is tidsearan a tha direach air crioch a chur air a’ chiad bhliadhna aca sa chlas

“Tha sinn air ar misneachadh gu mor le na tha de thidsearan Gàidhlig a’ toiseachadh san dreuchd is tha sinn a’ guidhe gach soirbheachadh dhaibh sa bhliadhna a tha rompa. Bu toil leinn taing a thoirt don a h-uile neach a chuir ris a’ cho-labhairt , Oilthigh Shrath Chluaidh is Oilthigh Obar Dheathain, Storlann Naiseanta na Gàidhlig, CLAS, Ionnsachadh & Teagasg Alba agus riochdairean bho ughdarrasan ionadail nam measg.

Bu toil leinn taing shonraichte a thoirt don luchd-teagaisg a ghabh an uine a bhith an lathair agus taisbeanaidhean is buthan-obrach a dheanamh airson nan oileanach. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leudachadh air soirbheachas na bliadhna agus a bhith ag obair air program bliadhnail de thachartasan a steidheachadh do thidsearan ura agus do thidsearan eolach.”

Toisichidh 20 tidsearan Gàidhlig bun-sgoile agus 9 tidsearan Gàidhlig ard-sgoile air a’ chiad bhliadhna de theagaisg aca anns an Lunastal 2007. Gheibh iad uile bliadhna ann am bun-sgoil neo ard-sgoil far a bheil Gàidhlig ga teagaisg thairis air na h-ughdarrasan ionadail a leanas: Obar Dheathain, Earra-Ghaidheal is Bod, Comhairle nan Eilean Siar, Glaschu, a’ Ghaidhealtachd, InbhirChluaidh, Lannraig a Tuath agus Sruighlea.

Gabh an Cothrom

Bidh Angela NicIlleBhraigh, Oifigear Trusaidh Luchd-Teagaisg, an lathair aig tachartasan UCAS san Lunastal agus san t-Sultain agus bidh i cuideachd a’ tadhal air sgoiltean, colaistean is oilthighean air feadh na duthcha gus aire a thogail air cothroman teagaisg Gàidhlig. Ma tha sibh airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn cuiribh fios gu teagasg@bng.org.uk

Planadh Cànan

Leis gu bheil am Plana Nàiseanta agus an Stiureadh air Leasachadh Planaichean Cànan air am foillseachadh, tha sinn a-nis ag obair gu dlùth le bhith co-obrachadh le ughdarrasan ionadail.

Tha sia ughdarrasan air ainmeachadh mar tha: Pàrlamaid na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòd agus comhairle na Gàidhealtachd agus tha iadsan a’ cruadhachadh Planaichean as dèidh iarrtas fo Achd Na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha comhairle agus taic ga thoirt seachad gu na sia buidhnean seo gus dèanamh cinnteach gum bidh na h-amasan acasan agus aig a Bhòrd air an coileanadh gu h-eifeagach.

Tha sinn cuideachd a cur air dòigh do mhaoin gnìomhchaidh nam planaichean Gàidhlig, a’ toirt seachad maoin aon bhliadhna bhon Riaghaltas airson àrdachadh comais agus leasaichean eile a bheir cuideachadh dhaibh na Planaichean a’ steidheachadh.

Leasachadh

Tha foillseachadh oifigeil air Cearcaill na Gàidhlig, iomairt ùr-ghnàthach airson inbhe cultar na Gàidhlig a thogail air feadh Taobh Siar na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan an Iar, a ghabh àite air 25 den Òg mhìos

Tha pròiseact Cearcaill na Gàidhlig - sreath de slighean chultarail air an seirbheiseach tro Sìnteag Innse Gall aig Chaledonian Mac a’ Bhruthainn - ag amas air luchd-turais bho air feadh an t-saoghail.  Tha a’ chiad Chearcaill air taic fhaighinn bho faisg air 200 aonad luchd-turais, gnìomhachas, àiteachan-bìdhe agus àiteachan-fuirich, taobh-staigh raon a’ chearcaill.

Thèid luchd-turais air aiseagan ChalMac air slighe a bhios a’ gabhail a-steach an t-Òban, Barraigh agus Eirisgeigh tro Uibhist a Deas, Beinn na Faoghla agus Uibhist a Tuath agus tarsaing gu Ùige an t-Eilean Sgitheanaich.  Tha an Cearcall an uairsin a’ gluasad tron t-Eilean Sgitheanach gu Armadal agus tarsaing an caolas gu Mallaig.  Faodaidh luchd-turais an t-slighe chultarail a chrìochnachadh le bhith a’ siubhal tro Loch Abair agus Latharna, air ais sìos chun Òban.

‘Se amas na buidhnean an sàs sa phròiseact aire a tharraing gu bòidhchead an àite, dualchas agus cultar, àiteachan sònraichte a-thaobh eachdraidh agus an là an diugh, a-thuilleadh air na h-àiteachan as fheàrr airson tadhal, fuireach, ithe agus òl air slighean nan Cearcall.  Tha na leanas air taic a chuir ris a’ phròiseact: HITRANS, Bòrd na Gàidhlig, Caledonian Mac a’ Bhruthainn, VisitScotland, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha barrachd fiosrachadh ri fhaighinn bho www.gaelic-rings.com

Sgoil ùr

Dh'fhosgail Bun Sgoil Ghàidlig ann an Inbhir Nis anns an Lùnastal am bliadhana seo. Tha sinn airson gach dùrachd a chur gun a cheannard ùr: Seònaid NicLeòid, na sgoileirean agus an luchd-obrach uile.

Is e seo a chiad Bun-sgoil ann an sgìre na Gàidhealtachd a tha airson Gàidhlig a mhàin. Tha seachd seòmraichean teagasg ann agus bidh e a’ gabhail 150 sgoileir bho air feadh Inbhir Nis. Tha Croileagean ann cuideachd le àite cuirean cloinne. Tha talla ur a dh’fhaodadh bhith air a chleachdah airson iomadach aobhar ann cuideachd, tha roinn-cluiche agus seòmar do phàrantan, làn fiosrachaidh agus cuideachd àite airson Oifigear Leasachaidh Gàidhlig.

Bidh an sgoil a’ toirt seachad fòcas airson leasachaidhean ùra ann an Gàidhlig ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla riutha.


Fiosrachadh

Tha sinn an dòchas gun do chòrd seo ribh. Cuiribh fios gu Annchris NicIlleathain ma tha sibh airson:

  • Facal a ràdh mun Chuairt Litir
  • Seòladh post dealan ur a chleachdadh gus fhaighinn
  • Dreach chruaidh den Chuairt Litir fhaighinn
  • Ar h-ainm a thoirt bhon liosta sgaoilidh againn.