MAOINEACHADH DO PHRÒISEACT EILEANAN NA H-ALBA Coimhearsnachdan eileanach gu bhith a' foillseachadh an cultair àraidh ann an 2011.
Tha eileanan na h-Alba air togail luach £820,000 fhaighinn airson iomairt ùr ann an 2011. Bheir seo piobrachadh air leasachadh an eaconamaidh, tàlaidhear luchd-turais agus neartaichear ceanglaichean eadar na h-eileanan agus tìr-mòr.
Cumaidh Maoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa (ERDF) taic ri pròiseact a stèidhich sia ùghdarrasan ionadail, sa bheil coimhearsnachdan eileanach Albannach fo an sgèith. Le sin thèid cultar nan eilean a thoirt fa chomhair muinntir tìr-mòr agus sluagh thall thairis.
Thuirt Ministear a' Chultair, Fiona Hyslop, is i a' bruidhinn rè turas an-diugh sna h-Eileanan Siar:
"Tha mi ro thoilichte gun d' fhuair sinn maoin-airgid Eòrpach gus na h-eileanan 's an dualchas a chomharrachadh 's a chur fa chomhair a' mhòr-shluaigh. Bheir an iomairt seo comas nach beag air tar-thorachadh bheachdan eadar coimhearsnachdan eileanach, air tìr-mòr agus air feadh an t-saoghail.
"Tha dùil againn gun gabh eileanan na h-Alba uile pàirt san iomairt, ge b' e air bith dè cho beag 's a tha an àireamh-sluaigh, agus cuideachd, gun taisbean ionadan air tìr-mòr ceòl is cultar, ealain traidiseanta is nuadh-ealain nan eilean, agus gun cuir iad am follais an àrainneachd àraidh is maise nàdair.
"Mar a bhios am fortan an dàn, leanaidh pròiseact Eileanan na h-Alba gus an Giblean 2012, a' ruith an lùib bliadhna dìleab Alba Chruthachail, agus a' comharrachadh cultar suaicheanta ar n-eilean an cois cultar na dùthcha air fad."
Thuirt Ailig MacDhòmhnaill, Neach-gairm Comhairle nan Eilean Siar:
"'S e togail mìorbhaileach a tha seo dhan phròiseact a bhios na mhòr-thaisbeanadh air cultar is dualchas Eileanan na h-Alba. Leis gum bi an tachartas a' ruith a-steach dhan Earrach 2012, bidh fiù 's barrachd ùine aig daoine gus Eileanan àraidh na h-Alba a mhealtainn."
Cùl-fhiosrachadh
Bidh Comhairle nan Eilean Siar a' co-òrdanachadh a' phròiseact com-pàirteachaidh, a gheibh suim luach #1.822 millean de mhaoin-airgid bho chaochladh chom-pàirtichean na roinne poblaich.
A thuilleadh air ERDF, tha pròiseact Eileanan na h-Alba 2011 ga mhaoineachadh le sia ùghdarrasan ionadail: Earra-Ghàidheal is Bòid; Comhairle na Gàidhealtachd; Siorrachd Àir a Tuath; Arcaibh; Sealtainn; na h-Eileanan Siar (suim luach £302,000); Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (£200,000); EventScotland (£100,000); Awards for All (£400,000).
Fios gu
Julie MacBeath: 0131 244 3177 / 07810507016
St Andrew's House, Rathad Regent, Dùn Èideann EH1 3DG www.scotland.gov.uk
