Tha Bòrd na Gàidhlig an diugh a’ foillseachadh sanasan airson dreuchd Leasaiche Foghlaim agus Ionnsachadh, dreuchd cho cudromach ‘sa tha ri fhaighinn ann am foghlam Gàidhlig.
Bidh an neach a gheibh an dreuchd a’ stiùireadh poileasaidh foghlaim a’ Bhùird, a’ comhairleachadh an Riaghaltais agus ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus buidhnean-lìbhrigidh eile airson amasan a’ Bhùird a thaobh foghlaim a choileanadh. Bidh an Leasaiche ùr a’ leantainn Rosemary Nic a’ Bhàird a dh’fhàg am Bòrd airson a dhol gu dreuchd eile aig Comhairle nan Leabhraichean.
Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche a’ Bhùird: “Tha an dreuchd seo fìor dheatamach agus aig cridhe ar clàr-obraich. Bidh an Leasaiche a’ stiùireadh sgioba foghlaim a chaidh a neartachadh bho chionn ghoirid ach an tèid againn air na chuir sinn romhainn fhèin ann an Ginealach Ùr na Gàidhlig a thoirt gu buil, eadar a bhith a’ treòrachadh agus a’ misneachadh phàrantan agus ag obair còmhla ri na buidhnean taobh-muigh a’ Bhùird a tha cho cudromach do choimhearsnachd na Gàidhlig. Tha foghlam san dachaigh, sa choimhearsnachd agus anns na sgoiltean feadh na dùthcha na phrìomh obair againn agus tha e cudromach gum faigh sinn neach a tha dealasach, dèanadach agus fìor eòlach air na cothroman agus dùbhlain a tha romhainn.”
Gheibhear pasgan fiosrachaidh mun dreuchd bho Oifis a’ Bhùird ann an Inbhir Nis agus tha am fiosrachadh cuideachd air làrach-lìn a’ Bhùird www.gaidhlig.org.uk.
Feumar tagraidhean airson na h-obrach a chur chun Bhùird ro 1700, Dihaoine Sultain 17. Bidh an tuarastal eadar £43,736-52,595. Thèid agallamhan a chumail cho luath sa ghabhas.
Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh, cuiribh fios gu Cathraiche a’ Bhùird, Art MacCarmaig art@gaidhlig.org.uk no 07702 674143.
Faic cuideachd www.gaidhlig.org.uk
A’ chrìoch
Airson barrachd fiosrachaidh mu na th’anns an naidheachd seo, cuiribh fios gu Uisdean MacIllInnein air 0751 528 7040.
Foillsichte: Diardaoin, Lùnastal 26, 2010
BÒRD NA GÀIDHLIG A’ SIREADH LEASAICHE FOGHLAIM AGUS IONNSACHADH
26 An Lùnastal 2010
