LUCHD-OBRACH CHALMAC A’ DOL AIR-LOIDHNE GUS AN GÀIDHLIG A LEASACHADH
01 An t-Sultain 2010
Mar phàirt den dealas airson taic a chur ris a’ chànan, tha companaidh nan aiseag, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn (CalMac) a’ toirt cothrom dhan luchd-obrach uile Gàidhlig ionnsachadh.

Thathar a’ brosnachadh luchd-obrach air na soithichean uile agus luchd-obrach nam port, nan calaidhean is nan oifisean bho Arainn gu Ulapul Gàidhlig ionnsachadh tro “acainn” lìn ùr-ghnàthach a chruthaich Cànan, a’ chompanaidh ionnsachaidh air-loidhne san Eilean Sgitheanach, a dh’aona ghnothaich dha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn.

Anns an acainn, tha leasanan tòiseachaidh, beag-fhaclairean de abairtean feumail, mapa eadar-ghnìomhach a’ sealltainn slighean aiseig ChalMac agus ciall ainmean nam port. Tha tòimhseachain, beo-dhealbhan ’s còrr is 1000 abairt chlaistinn ann cuideachd gus cothrom a thoirt don neach-ionnsachaidh na h-abairtean a chluinntinn, a thuilleadh air a bhith gam faicinn sgrìobhte.

Thuirt Phil Preston, Àrd Stiùiriche ChalMac: “Tha sinn toilichte gu bheil cothrom againn leudachadh a dhèanamh air follaiseachd is cleachdadh na Gàidhlig, biodh sin le bhith a’ foillseachadh soidhnichean dà-chànanach air soithichean is ann am puirt no tro ar dleastanas mar luchd-taic a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail. Tha Gàidhlig aig mu dheichnear às a’ cheud de ar luchd-obrach, ach bha sinn airson an àireamh sin a mheudachadh le bhith a’ tabhann oideachadh dha uimhir ’s a ghabhas den luchd-obrach. Tha sinn air na tha san “acainn” a dheasachadh gus am bi e freagarrach dha bàtaichean-aiseig agus tha sinn cinnteach, aon uair ’s gum faighear tuigse bhunaiteach is grèim air abairtean sìmplidh gum bithear airson a dhol air adhart gus tuilleadh ionnsachadh.

“ Cha tèid seo a chumail dha luchd-obrach a bhios ag obair mu choinneamh luchd-siubhail a-mhàin, tha sinn cuideachd ga sgaoileadh gu luchd-obrach ar companaidh chaidreachais, Bàtaichean-aiseig NorthLink Eta, a tha a’ frithealadh nan Eilean a Tuath. Le sin, bidh còrr is 1600 neach-obrach taghta air an gabhail a-steach ann.

“’S i oidhirp mhòr a bh’ anns an seo agus tha sinn taingeil dha Cànan airson an eòlais is an stiùiridh agus dha Bòrd na Gàidhlig airson a’ mhaoineachaidh a rinn seo comasach”, thuirt e.

B’ e Mìcheal Ruiseal BPA, Rùnaire an Fhoghlaim a chuir an acainn air bhog gu h-oifigeil nuair a bha e a’ tadhal air oifisean Chànan ann an Sabhal Mòr Ostaig. Thuirt e: “Tha e na phrìomh amas aig an iomadach iomairt a tha a’ dol an-dràsta co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig, a bhith a’ meudachadh àireamh an luchd-labhairt. Mar sin, tha CalMac rim moladh airson dòigh fhaighinn gus cothrom a thoirt air trèanadh sa chànan dha àireamh cho mòr ’s a ghabhas de luchd-obrach. Dha mòran daoine, ’s e soidhnichean rathaid, ainm nam bàtaichean is sanasan air bòrd ann an Gàidhlig a’ chiad shealladh a gheibh iad air a’ chànan, agus mar sin, tha e fìor mhath a bhith a’ faicinn gu bheil Calmac a’ dèanamh fiù ’s barrachd agus a’ teagasg facail is abairtean Gàidhlig a tha feumail dhan luchd-obrach.”

Thuirt Donella Pheutan, Àrd Oifigear Chànan: “B’ e an t-òrdugh bho ChalMac dòigh a chruthachadh a bheireadh cothrom dha uimhir de luchd-obrach ’s a bha comasach eòlas a chur air beagan Gàidhlig a chleachdadh iad nan obair làitheil. Air sgàth sgìrean sgapte an luchd-obrach agus uairean obrach toinnte, chan eil e comasach an cur uile air cùrsaichean, ach fhuair iad seachad air an duilgheadas seo le bhith a’ cleachdadh teicneòlas air-loidhne gus Gàidhlig a thoirt a-steach nan dachaighean fhèin. Tha sinn den bheachd gum faodadh companaidhean is buidhnean eile, a tha airson cothrom a thoirt dhan luchd-obrach beagan Gàidhlig a bhruidhinn agus tuigse a thoirt dhaibh mu a cudromachd, an goireas seo a chleachdadh cuideachd.”

Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig: “Tha am Bòrd ag amas air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a mheudachadh agus tha sinn toilichte taic a chur ris an iomairt seo aig CalMac a tha a’ toirt cothrom dhan luchd-obrach air fad aca beagan den chànan ionnsachadh. ’S e eisimpleir a th’ ann an ionnsachadh mar seo air-loidhne, a tha buntainneach don bhuidhinn, a dh’fhaodadh buidhnean poblach eile, comhairlean is companaidhean prìobhaideach a leantainn, agus tha e riatanach ma tha seirbheisean gu bhith air an tabhann sa Ghàidhlig. Tha sinn an dòchas, tro thoiseach tòiseachaidh mar seo san àite-obrach, gum bi barrachd is barrachd dhaoine air am brosnachadh gus ceum air adhart a ghabhail agus a’ Ghàidhlig ionnsachadh gu fileantachd.”

Crìoch.
Notaichean Luchd-deasachaidh

1. Tha Rùnaire an Fhoghlaim a’ cur an acainn air bhog ann an oifisean Chànan aig Sabhal Mòr Ostaig aig 1630 air Diciadain, 1 Sultain, 2010. Tha cuireadh agaibh neach-naidheachd/camara a chur ann.

2. Thèid dealbhan de Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal BPA, is luchd-obrach ChalMac a chur a-mach cho luath ’s a ghabhas an dèidh an tachartais.

3. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu Chaledonian Mac a’ Bhriuthainn ri fhaighinn aig www.calmac.co.uk

4. ’S e Caledonian Mac a’ Bhriuthainn agus CalMac ainmean malairteach CalMac Ferries Ltd (CFL). Thathar a’ cleachdadh nan ainmean sin le cead bho Stòras Mara Cailleanach Eta (CMAL). Tha CFL a’ cleachdadh bratach an leòmhainn le cead bho CMAL.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir fios gu:

David Cannon,
Manaidsear Gnothaichean Poblach na Buidhne,
David MacBrayne Eta
(Às leth CalMac Ferries Eta)
Fòn: 01475 650371
Fòn-làimhe: 07595 092332
david.cannon@davidmacbrayne.co.uk

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use