Foghlam tron Ghàidhlig

De th’ ann?

Tha Foghlam tron Ghàidhlig ri fhaotainn ann an Ùghdarrasan Ionadail air feadh Alba, agus tha e air fhaicinn mar an dòigh as fheàrr air fileantachd a ruighinn ann an Gàidhlig.

Tha cothrom aig clann à dachaighean le Gàidhlig agus gun Ghàidhlig ionnsachadh fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig.

Bidh clann ann am Foghlam tron Ghàidhlig ag ionnsachadh anns gach raon den churraicealam tro mheadhan na Gàidhlig, co-dhiù suas gu deireadh P3. (Dh’fhaodadh seo a bhith diofraichte bho Ùghdarras gu Ùghdarras). Tha a' chlann air am bogadh gu tur ann an Gàidhlig. Bidh an neach-teagaisg gu cùramach a’ planadh ghnìomhan a chuireas taic ri ionnsachadh cànain.

Timcheall air deireadh P3, bidh beagan leasanan Beurla air an teagasg anns a’ chlas, ach ’s e Gàidhlig daonnan cànan conaltraidh a’ chlas.

Gu tric thig adhartas air leughadh Beurla na cloinne bhon a tha iad air ùine a chur seachad ag ionnsachadh sgilean leughaidh. ’S e sgilean a tha seo a ghabhas eadar-ghluasad bho chànan gu cànan. Mun àm a dh’fhàgas iad a’ bhun-sgoil, tha iad aig an aon ìre ann am Beurla agus a tha clann a tha air a dhol tro fhoghlam tron Bheurla agus tha iad gu tric gu math fileanta ann an litearrachd Ghàidhlig. Oilthigh Dhùn Èideann - Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba: roghainn agus coileanadh sa bhun-sgoil agus tràth san àrd-sgoil.

Nuair a ghluaiseas a’ chlann dhan àrd-sgoil gheibh iad co-dhiù Gàidhlig mar chuspair. Bidh cuid de dh’àrd sgoiltean a’ tabhainn barrachd chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig suas gu ìre Teisteanas Nàiseanta.

Ceanglaichean gu Ùghdarrasan Ionadail le solar Foghlam Gàidhlig

Comhairle Baile Obar Dheathain

Comhairle Sgìre Obar Dheathain (GLPS a-mhàin)

Comhairle Siorrachd Aonghais

Comhairle Earra-Ghaidheil is Bhòid

Comhairle nan Eileanan Siar

Comhairle Chlach Mannain (GLPS a-mhàin)

Comhairle Inbhir Àir an Ear

Comhairle Dùn Bhreatainn an Ear 

Comhairle Baile Dhùn Èideann 

Comhairle na h-Eaglaise Brice (GLPS a-mhàin)

Comhairle Baile Ghlaschu 

Comhairle na Gàidhealtachd

Comhairle Inbhir Chluaidh 

Comhairle Lannraig a Tuath

Comhairle Pheairt is Cheann Rois

Comhairle Lannraig a Deas

Comhairle Shruighlea

Comhairle Dùn Bhreatainn an Iar (GLPS a-mhàin)

Gaelic Medium Education 1 Gaelic Medium Education 2 Gaelic Medium Education 3

Làrach-lìn fheumail

mid-foot