Dreachd deilbh dhen duilleig seo | Atharraich mar a tha na duilleagan seo a’ coimhead

[Image - Bòrd na Gàidhlig]


Fàilte
/
Foghlam Gàidhlig
/
Foghlam Ro-sgoile 
Clàr-iùil na làraich | Teacsa a-mhàin | Clò-bhual


Gàidhlig:

English




Fàilte



An Gnìomh a Dhearbhas - Co-labhairt 2010



Planaichean Gàidhlig



Taic Freumhan Coimhearsnachd 2010/11



Colmcille



Plana Nàiseanta na Gàidhlig



Am Bòrd



Obraichean



A’ Ghàidhlig



Foghlam Gàidhlig



Gabh an Cothrom



Gàidhlig - Carson?


Foghlam Ro-sgoile



Foghlam Bun-sgoile



Foghlam Àrd-sgoile



Foghlam Àrd-ìre



Ionnsachadh mar Inbheach



Goireasan



Teagasg



Ceistean Bitheanta



An Ath Cheum



Maoineachadh



Stiùireadh



Ealain is Cultar



Rannsachadh



Naidheachdan



Consultations

Aithisg Bhliadhnail
Bòrd na Gàidhlig Aithisg Bhliadhnail 2009/10

[Image - Teacher Recruitment]
(External) [Image - mygaelic.com]
RSS Naidheachdan


Foghlam Ro-sgoile

Foghlam Ro-sgoile 'S e seo a' chiad cheum air slighe Foghlaim Gàidhlig dhan chloinn agaibh agus 's e àrainneachd spòrsail, bheothail a th' ann a tha a' toirt ionnsachadh feumail dhaibh. 'S i saothair Comhairle nan Sgoiltean Àraich a tha gu mòr an urra ris an fhàs a th' air a bhith san roinn seo. Chaidh CNSA a stèidheachadh ann an 1982 agus tha faisg air 120 buidheann co-cheangailte riutha a tha a' tabhainn foghlam Gàidhlig fo aois sgoile do chòrr is 2,000 pàiste ann an Alba. Tha iomadh seòrsa buidhinn aca a tha freagarrach do chloinn de gach aois mus tèid iad dhan sgoil, agus chan fheum a' Ghàidhlig a bhith aig clann nuair a thèid iad gu buidheann ro-sgoile an toiseach a tha air a cumail le CNSA. Agus chan fheum a' Ghàidhlig a bhith aig na pàrantan nas motha. Cha robh ann ach ceithir cròileagain nuair a thòisich iad, ach bhon uair sin tha foghlam ro-sgoile mar gach raon eile de dh'fhoghlam Gàidhlig air meudachadh.
'S iad na diofar ìrean de bhuidhnean aig Comhairle nan Sgoiltean Àraich: ‘Beatha Ùr' (do mhàthraichean a tha an dùil ri leanabh, agus do chloinn suas gu 6 mìosan); Buidheann Pàrant is Pàiste (airson clann suas gu 2 bhliadhna); Cròileagan (clann eadar 2 is 3 bliadhna); agus Cròileagan no Sgoil-àraich (clann eadar 3 is 5).
A bharrachd air na buidhnean aig CNSA, tha na h-ùghdarrasan ionadail fhèin a' ruith bhuidhnean ro-sgoile. Tha 60 sgoiltean-àraich (buidhnean ro-sgoile airson clann 3 bliadhna is nas sine) aig na diofar chomhairlean agus 701 pàiste annta a rèir nam figearan as ùire (2006-2007).
A thaobh trèanadh do thidsearan ro-sgoile feumaidh teisteanasan sònraichte a bhith aig an fheadhainn a tha ag obair fo sgèith nan ùghdarrasan ionadail, agus tha Comhairle nan Sgoiltean Àraich cuideachd a' toirt trèanadh don luchd-obrach sna buidhnean ro-sgoile acasan agus a' moladh gum bu chòir teisteanas freagarrach a bhith aca cuideachd. Feumar dearbhadh air an fhiosrachadh phearsanta aig daoine cuideachd mus tèid iad an sàs ann am buidhinn ro-sgoile.
Tha CNSA cuideachd a' ruith chùrsaichean ‘Gàidhlig san Dachaigh' nuair a tha iarrtas ann air an son, 's e cùrsa a th' ann a tha teagasg Gàidhlig do phàrantan is inbhich eile ann an suidheachadh neo-fhoirmeil ann an àrainneachd na dachaigh. Chan eil sgrìobhadh, leughadh no gràmar ann, dìreach bruidhinn sa Ghàidhlig – inneal a tha a' toirt dhaoine gu fileantas gu sgiobalta a rèir muinntir CNSA.
Saoghal na Gàidhlig
Ceanglaichean eadar-lìon Gàidhlig Faclair
(External) Ceangal gu faclairean Gàidhlig Duilleagan co-cheangailte
An Ath Cheum
Ceistean Bitheanta
Làrach-lìn fheumail
BBC Alba
Comann nam Pàrant
Comhairle nan Sgoiltean Àraich
COSLA
Disclosure Scotland
Fiosrachadh air foghlam ro-sgoile





© Bòrd na Gàidhlig [2006]
Gach còir glèidhte

Fiosrachadh Feumail Eile


Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA
Fòn: +44 [0] 1463 225454 • Facs: +44 [0] 1463 716217 • oifis@gaidhlig.org.uk



Air a dealbh le (External) Pelican Design Consultants • Air a cumail le (External) Sitekit CMS Terms of use