Dreachd deilbh dhen duilleig seo | Atharraich mar a tha na duilleagan seo a’ coimhead
[Image - Bòrd na Gàidhlig]
Fàilte
/
Foghlam Gàidhlig
/
Teagasg
Clàr-iùil na làraich | Teacsa a-mhàin | Clò-bhual
Gàidhlig:
English
Fàilte
An Gnìomh a Dhearbhas - Co-labhairt 2010
Planaichean Gàidhlig
Taic Freumhan Coimhearsnachd 2010/11
Colmcille
Plana Nàiseanta na Gàidhlig
Am Bòrd
Obraichean
A’ Ghàidhlig
Foghlam Gàidhlig
Gabh an Cothrom
Gàidhlig - Carson?
Foghlam Ro-sgoile
Foghlam Bun-sgoile
Foghlam Àrd-sgoile
Foghlam Àrd-ìre
Ionnsachadh mar Inbheach
Goireasan
Teagasg
Obraichean Foghlaim
Co-Labhairt Thidsearan Ùra
Ceistean Bitheanta
An Ath Cheum
Maoineachadh
Stiùireadh
Ealain is Cultar
Rannsachadh
Naidheachdan
Consultations
Aithisg Bhliadhnail
Bòrd na Gàidhlig Aithisg agus Cunntasan
31 Màrt 2010
[Image - Teacher Recruitment]
(External) [Image - mygaelic.com]
RSS Naidheachdan
Teagasg
Tha grunn shlighean ann gu teagasg Gàidhlig:
- cùrsa fo-cheumnach BEd a mhaireas ceithir bliadhna do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith teagasg ann am bun-sgoil Ghàidhlig;
- cùrsa iar-cheumnach làn-ùine a mhaireas aon bhliadhna do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith teagasg ann am bun-sgoil Ghàidhlig;
- cùrsa iar-cheumnach pàirt-ùine a mhaireas dà bhliadhna a tha air a lìbhrigeadh aig astar do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith teagasg ann am bun-sgoil Ghàidhlig;
- cùrsa iar-cheumnach làn-ùine a mhaireas aon bhliadhna do dhaoine a tha ag iarraidh a' Ghàidhlig no cuspairean eile a theagasg tron Ghàidhlig ann an àrd-sgoil;
- cùrsa iar-cheumnach pàirt-ùine a mhaireas dà bhliadhna a tha air a lìbhrigeadh aig astar do dhaoine a tha ag iarraidh a' Ghàidhlig a theagasg ann an àrd-sgoil.
Tha slighe eile ann do dhaoine a tha air an trèanadh mar thidsear bun-sgoile mu thràth agus a tha ag iarraidh a' Ghàidhlig a theagasg mar dhàrna cànan ann am bun-sgoil, agus ged a tha e na bhuannachd ma tha Gàidhlig agaibh, mura a h-eil sibh fileanta, thèid a' Ghàidhlig ionnsachadh dhuibh mar phàirt dhen trèanadh a gheibh sibh bhon chomhairle ionadail agaibh (chan eil a h-uile ùghdarras ionadail a' ruith an sgeama GLPS seo). Tha Oilthigh Obar Dheathain a' cur ris an sgeama seo le bhith tabhainn a' chiad cheum a dh'ionnsaigh a bhith teagasg Gàidhlig fon sgeama GLPS, tha iad a' cuideachadh oileanaich a tha nan luchd-ionnsachaidh air a' BhED aca (ma dh'iarrar) a bhith ag adhartachadh an cuid Gàidhlig.
Leis mar a tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a' leudachadh aig gach ìre, tha feum air tidsearan aig a bheil gibht is dealas, agus tha gu leòr de Ghàidheil òga a' cur ris an iomairt an cànan aca fhèin ionnsachadh do ghinealach ùr.
Tha sia prìomh roghainnean aig neach a tha ag iarraidh teagasg sa Ghàidhlig. Faodaidh sibh teagasg: tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoil-àraich, tro mheadhan na Gàidhlig ann am bun-sgoil agus tro mheadhan na Gàidhlig ann an àrd-sgoil (cuspairean mar Cruinn-eòlas, Eachdraidh is mar sin adhart); agus faodaidh sibh Gàidhlig a theagasg mar dhàrna cànan ann am bun-sgoil, mar dhàrna cànan ann an àrd-sgoil, no Gàidhlig a theagasg do dh'fhileantaich ann an àrd-sgoil.
Tha grunn chùrsaichean (pàirt- is làn-thìde agus aig astar) ann do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith nan tidsearean agus tha làrach-lìn sònraichte ann anns a bheil stuthan teagaisg is fiosrachadh feumail do thidsearan – Gàidhlig Air-loidhne. Feumaidh teisteanasan sònraichte a bhith aig gach seòrsa tidseir agus chithear tuilleadh fiosrachaidh mun deidhinn agus mu theagasg Gàidhlig san fharsaingeachd fo Làraich-lìn fheumail.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chothroman teagasg Gàidhlig cuir fios chun Oifigear Trusaidh Luchd-teagaisg.
Saoghal na Gàidhlig
Ceanglaichean eadar-lìon Gàidhlig
Faclair
(External) Ceangal gu faclairean Gàidhlig
Làrach-lìn fheumail
A' cur a-steach airson teagaisg
Aithisg Buidhne-gnìomh Luchd-teagaisg tro Mheadhan na Gàidhlig
Colaisde a' Chaisteil
COSLA
Gàidhlig Air-loidhne
Graduate Teacher Training Registry
Fiosrachadh air teagasg
Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna
Ionad Chaluim Chille Ìle
Oilthigh Dhùn Èideann
Oilthigh Ghlaschu
Oilthigh Obar Dheathain
Oilthigh Shrath Chluaidh
Roinn an Fhoghlaim, Riaghaltas na h-Alba
Sabhal Mòr Ostaig
Students Awards Agency for Scotland
Thig a Theagasg
Teagasg ann an Alba
Training and Development Agency for Schools
UCAS
© Bòrd na Gàidhlig [2006]
Gach còir glèidhte
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA
Fòn: +44 [0] 1463 225454 • Facs: +44 [0] 1463 716217 • oifis@gaidhlig.org.uk
Air a dealbh le (External) Pelican Design Consultants • Air a cumail le (External) Sitekit CMS • Terms of use