Taic Freumhan Coimhearsnachd
2012-2013
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt cothrom do bhuidhnean cuir a dh’iarraidh taic-airgid gus cuideachadh pròiseactan a bhios a’ brosnachadh agus a’ meudachadh togail agus cleachdadh na Gàidhlig.
Thathas a' sireadh iarrtasan bho buidhnean airson pròiseactan a neartaicheas togail agus cleachdadh na Gàidhlig anns na raointean gnìomha a leanas:
Raon Gnìomha 1: AN DACHAIGH
Raon Gnìomha 2: FOGHLAM AGUS IONNSACHADH
Raon Gnìomha 3: COIMHEARSNACHD
Raon Gnìomha 4: EALAIN, MEADHANAN IS DUALCHAS
Faodar iarrtas a chur a-steach airson suas ri £5,000, airson pròiseact a bhios deiseil uile gu lèir ro 31 Màrt 2013.
Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh aig Bòrd na Gàidhlig ro 5f air Diluain 6 Gearran 2012 aig a’ char as fhaide. Chan urrainn do Bhòrd na Gàidhlig gabhail ri iarrtasan a thig a-steach an dèidh sin.
Tha Stiùireadh do thagraichean agus am foirm-iarrtais rim faighinn fo ‘Leig a-nuas’ aig bonn na duilleige seo. Ma tha ceistean sam bith agaibh, no nam b’ fheàrr leibh seo fhaighinn tron phost no air post-dealain, cuiribh fios gu 01463 225454 no tabhartas@gaidhlig.org.uk
