An Ath Cheum

Foghlam Ro-sgoile

Bu chòir do dhaoine bruidhinn ri Comhairle nan Sgoiltean Àraich no ris an ùghdarras ionadail aca mun fhoghlam seo, tha fhios aca air dè na buidhnean ro-sgoile a th' ann air feadh Alba agus bheir iad comhairle air gach seòrsa foghlam ro-sgoile Gàidhlig a tha ri fhaotainn. Cuideachd 's fhiach e bruidhinn ri Comann nam Pàrant a tha fiosraichte mun roinn seo.

Foghlam Bun-sgoile is Foghlam Àrd-sgoile

Bu chòir dhuibh bruidhinn ris an ùghdarras ionadail agaibh a thaobh aonadan is bun-sgoiltean Gàidhlig san sgìre agaibh. Gheibhear comhairle is fiosrachadh mu fhoghlam Gàidhlig bho Chomann nam Pàrant agus Comunn na Gàidhlig cuideachd. Tha na h-aithisgean aig Luchd-sgrùdaidh nan Sgoiltean a' toirt dealbh air càileachd an teagaisg anns gach sgoil agus anns gach ùghdarras ionadail.

Foghlam Àrd-ìre

Bu chòir dhuibh bruidhinn ris na h-oilthighean is colaistean a tha air an ainmeachadh san earrainn mu Fhoghlam Àrd-ìre agus b' fhiach dhuibh bruidhinn ri buidhnean eile mar Buidheann Tabhartas Oileanach na h-Alba agus UCAS cuideachd.

Teagasg

Ma tha ùidh agaibh ann an teagasg bu chòir dhuibh bruidhinn ri cuid de na colaistean is oilthighean a tha an sàs ann an trèanadh thidsearan, cuideachd tha bileag fiosrachaidh Thig a Theagasg air leth feumail. Rachaibh gu Teagasg airson tuilleadh fiosrachaidh.

Ionnsachadh mar inbheach

Ma ùidh agaibh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig mar inbheach 's e an rud as fheàrr an toiseach bruidhinn ri buidheann mar Clì Gàidhlig, no a dhol gu làraich-lìn mar www.learn-gaelic.info no www.learndirectscotland.com. Airson tuilleadh fiosrachaidh faicibh Ionnsachadh mar Inbheach.