Planaichean Gàidhlig
Fo chumhachan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, 's ann air Bòrd na Gàidhlig a tha an t-uallach airson comharrachadh ùghdarrasan poblach a dh'fheumas Planaichean Gàidhlig a dheasachadh. Tha na buidhnean sin riatanach do bheatha phoblach na h-Alba, agus tha prìomh àite aca ann an leasachadh na Gàidhlig. Aig an àm seo tha 13 ùghdarrasan poblach a' deasachadh Phlanaichean Gàidhlig agus thathar an dùil gun iarrar air ochd eile a dh'aithghearr a thòiseachadh ag ullachadh nam planaichean acasan.
'S iad a' chiad sia buidhnean: Riaghaltas na h-Alba, Pàrlamaid na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar. Tha na Planaichan Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàdheal & Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar, Buidheann Chorporra Phàrlamaid na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) air aonta foirmeil fhaighinn bhon Bhòrd.
Bidh na Planaichean seo a' togail air rùintean a' Phlana Nàiseanta, agus bheir iad cothrom nas trice do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig air cuid de sheirbheisean poblach anns a' chànan a thaghas iad. Thathar a' sùileachadh cuideachd gum bi ùghdarrasan a tha ag ullachadh planaichean a' brosnachadh daoine gus Gàidhlig a chleachdadh nuair a bhios iad a' dèiligeadh riutha, agus gum bi iad a' leudachadh seirbheisean agus goireasan Gàidhlig na buidhne aca.
'S e pàipear oifigeil a tha anns an Stiùireadh seo agus tha e a' treòrachadh buidhnean poblach mun dòigh as fheàrr Planaichean Gàidhlig a dheasachadh.
Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) 2010-11
Tha sgeama Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) 2010-11 a nis fosgailte airson tabhartasan ùra. Bidh an sgeama fosgailte gu meadhan latha, Dihaoine 13 An Lùnastal 2010.
Tha am Bòrd ag iarraidh tagraidhean airson na maoine seo bho na buidhnean dligheach a leanas:
-
Ùghdarrasan poblach a tha gu làithreach a’ buileachadh Plana Gàidhlig reachdail no an impis Plana Gàidhlig reachdail a thoirt gu buil;
-
Ùghdarrasan poblach a tha ainmichte ann am prògram fiosrachaidh foillsichte a’ Bhùird air an iarrar Plana Gàidhlig reachdail a dheasachadh;
-
Ùghdarrasan poblach air nach bithear ag iarraidh Plana Gàidhlig a dheasachadh rè ùine, ach a tha san eadar-ama airson an taic don Ghàidhlig adhartachadh;
-
Buidhnean nach eil fo chòmhdach solaran Achd na Gàidhlig 2005, leithid companaidhean prìobhaideach agus buidhnean saor-thoileach, a tha airson àrdachadh a dhèanamh air an àrainneachd taic sam bi na Planaichean Gàidhlig sin, a tha air an aontachadh le Bòrd na Gàidhlig, air an toirt gu buil.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic an earrann Leig a-nuas air an duilleag seo.


