books.jpg

Rannsachadh na Gàidhlig

'S ann air leth cudromach a tha rannsachadh dhan Ghàidhlig, agus a bharrachd air a bhith a' toirt taic do rannsachadh, tha Bòrd na Gàidhlig a' dèanamh feum de thòrr rannsachaidh a tha daoine eile air a dhèanamh.

Tha rannsachadh a' sealltainn suidheachadh na Gàidhlig agus dè bu chòir a dhèanamh chum maith a' chànain agus tha e a' dearbhadh luach a' chànain. Cuideachd tha e air leth cudromach gun tèid rannsachadh a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig agus chan ann dìreach mun Ghàidhlig.

Tha rannsachadh air mion-chànanan eile cudromach do dh'obair Bòrd na Gàidhlig agus bidh sinn bho àm gu àm a' dol an sàs ann an rannsachadh ann an co-bhuinn ri buidhnean-cànain bho dhùthchannan eile.

A bharrachd air daoine fa leth, tha buidhnean-rannsachaidh ann agus co-labhairtean bliadhnail mar Rannsachadh na Gàidhlig. Tha na h-oilthighean is colaistean a' brosnachadh rannsachadh air tòrr chuspairean co-cheangailte ris a' Ghàidhlig, agus tha na buidhnean Gàidhlig fhèin a' toirt taic do rannsachaidhean feumail.

Tha am Bòrd an-dràsta a' sireadh tairgsean airson rannsachadh air Measadh air Cothroman airson Geamannan Eileagtronaigeach a Thionndadh gu Gàidhlig. 'S e an ceann-latha airson tairgse, 31 Lùnastal 2010. Airson an tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gun Mhanaidsear Rannsachaidh agus Planadh Corpais, Peadar Morgan.

Tha am Bòrd air na coimiseanan a leanas a thoirt seachd, a tha fhathast fo sheòl. Gheibhear aithisgean airson rannsachadh a tha a-nis air am foillseachadh anns an iomall air an làimh dheis.

Beachd is Comas le Sabhal Mòr Ostaig

Sgioba: Iain Mac an Tàilleir le Gillian Rothach, Marsaili NicLeòid, Tim Armstrong

Toradh Foghlaim le Roinn Ceiltis Oilthigh Dhùn Èideann (le taic Sgoil Foghlaim Moray House)

Sgioba: Wilson MacLeòid le Lindsay Paterson, Fiona O'Hanlon

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use