Pàrlamaid na h-Alba/The Scottish Parliament

Planaichean Gàidhlig

Faodaidh Bòrd na Gàidhlig iarraidh air buidhinn phoblaich plana Gàidhlig ullachadh nuair a tha am Bòrd ga mheas freagarrach fo Earrainn 3 de dh'Achd na Gàidhlig. Mus iarr sinn air buidhinn phoblaich plana ullachadh, feumaidh am Bòrd coimhead ri dè an uiread de dhaoine aig a bheil Gàidhlig a dh'fhaodadh feum a dhèanamh de sheirbheisean na buidhne, agus dè na cothroman a bhiodh ann dhan bhuidhinn sin cleachdadh na Gàidhlig a leudachadh na cuid obrach.

Gu sìmplidh 's e a th' ann am plana Gàidhlig: plana a bheir an cothrom do luchd na Gàidhlig seirbheisean poblach fhaighinn sa chànan aca fhèin. Tha plana Gàidhlig a' sealltainn dè na h-oidhirpean a nì buidheann phoblach gus an aon mheas a chur air a' Ghàidhlig 's a tha air a' Bheurla na cuid obrach is sheirbheisean.

Ann am plana Gàidhlig feumaidh iomradh a bhith ann air dè na ceumannan a tha a' bhuidheann phoblach dol a ghabhail a thaobh cleachdadh na Gàidhlig ann an obair is seirbheisean na buidhne aca. Feumaidh ceann-latha a bhith ann airson nan ceumannan sin a ghabhail, agus dh'fhaodadh gum feum fiosrachadh eile a bhith ann ma dh'iarras Ministearan na h-Alba air a' bhuidhinn ceumannan eile a ghabhail.

Ag ullachadh plana Gàidhlig

Ann a bhith ag ullachadh plana Gàidhlig bu chòir do bhuidhinn phoblaich aire a thoirt air: a' Phlana Nàiseanta as ùire, an uiread de dhaoine a dh'fhaodadh feum a dhèanamh de sheirbheisean Gàidhlig na buidhne, dè na cothroman a bhiodh ann dhan bhuidhinn cleachdadh na Gàidhlig a leudachadh na cuid obrach, fianais a gheibh a' bhuidheann bho dhaoine air cleachdadh na Gàidhlig ann an obair is seirbheisean na buidhne, agus stiùireadh sam bith a gheibhear bho Mhinistearan na h-Alba.

Ann a bhith ag ullachadh plana Gàidhlig feumaidh buidhnean poblach beachdan a shireadh bho dhaoine aig a bheil ùidh sa phlana, am beachd na buidhne poblaich. Às dèidh dhaibh comhairle fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig, faodaidh Ministearan na h-Alba iarraidh air buidhnean tuilleadh cheumannan a ghabhail. Dh'fhaodadh Ministearan comhairle a thoirt seachd airson diofar adhbharan.

Am Bòrd ag iarraidh air buidhinn plana Gàidhlig ullachadh

Nuair a dh'iarras Bòrd na Gàidhlig air buidhinn phoblaich ann an sgrìobhadh plana Gàidhlig ullachadh, feumaidh am Bòrd innse dhan bhuidhinn gum feum iad plana Gàidhlig ullachadh a rèir Earrainn 3 de dh'Achd na Gàidhlig agus gum feum iad am plana a chur gu Bòrd na Gàidhlig. Feumaidh am Bòrd ceann-latha ainmeachadh airson a' phlana sin a chur a-staigh, agus feumaidh sia mìosan co-dhiù a bhith aig a' bhuidhinn airson sin a dhèanamh bhon àm dh'iarras am Bòrd orra plana ullachadh. Agus feumaidh am Bòrd innse dhan bhuidhinn mu na còraichean aca a thaobh a bhith ag iarraidh air Ministearan na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh air iarrtas a' Bhùird.

A' tagradh an aghaidh iarrtais airson plana Gàidhlig

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tagradh an aghaidh iarrtasan bho Bhòrd na Gàidhlig airson planaichean Gàidhlig, thoiribh sùil air Achd na Gàidhlig, Earrann 4.

A' cur a-staigh plana Gàidhlig

Nuair a chuireas buidheann phoblach plana Gàidhlig a-staigh gu Bòrd na Gàidhlig, faodaidh am Bòrd gabhail ris no faodaidh e molaidhean a thoirt seachad air atharrachaidhean a bu chòir a bhith ann. Bheir am Bòrd sùil air mar a choileanas buidheann feumalachdan plana Gàidhlig agus air stiùireadh sam bith a fhuair a' bhuidheann bho Mhinistearan na h-Alba mun phlana aca. Faodaidh a' bhuidheann gabhail ri molaidhean a' Bhùird no faodaidh iad adhbharan a thoirt seachad air carson nach eil iad ag aontachadh le cuid de na molaidhean no na molaidhean air fad aig a' Bhòrd. Mura tèid air aonta a ruighinn eadar am Bòrd agus a' bhuidheann iarrar air Ministearan na h-Alba coimhead ris agus rèite fhaighinn. Tha tuilleadh fiosrachaidh mun chuspair seo fo Earrainn 5 de dh'Achd na Gàidhlig.

A' measadh phlanaichean Gàidhlig

Às dèidh dha Bòrd na Gàidhlig gabhail ri plana Gàidhlig, faodaidh am Bòrd iarraidh air a' bhuidhinn phoblaich aithisg a chur a-staigh 12 mìos, no nas fhaide, às dèidh ceann-latha an aonta, agus bidh co-dhiù trì mìosan aig a' bhuidhinn an aithisg sin a chur a-staigh. Tha an aithisg a' toirt iomradh air mar a tha a' bhuidheann air amasan a' phlana Ghàidhlig aca a choileanadh. Faodaidh am Bòrd iarraidh air buidhnean poblach aithisgean a chur a-staigh a h-uile 12 mìos ma tha iad ga mheas iomchaidh. Ma tha Bòrd na Gàidhlig dhen bheachd nach eil buidheann phoblach a' coileanadh amasan a' phlana Ghàidhlig aca, faodaidh iad aithisg a chur gu Ministearan na h-Alba. Faodaidh Ministearan na h-Alba iarraidh air a' bhuidhinn cuid de dh'amasan a' phlana Ghàidhlig aca a choileanadh, no iad uile, no faodaidh Ministearan an aithisg aig Bòrd na Gàidhlig a chur mu choinneamh Pàrlamaid na h-Alba. Bheir Ministearan na h-Alba cothrom do na buidhnean poblach bruidhinn riutha mus tig iad gu co-dhùnadh.

Ath-sgrùdadh air planaichean Gàidhlig

Feumaidh buidhnean poblach ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' phlana aca a h-uile co-dhiù còig bliadhna agus am plana sin, leis no às aonais atharrachaidhean, a chur a-staigh gu Bòrd na Gàidhlig.

Stiùireadh sònraichte

Feumaidh Bòrd na Gàidhlig bho àm gu àm nuair a tha e ga mheas freagarrach, stiùireadh a chruthachadh airson cuid de bhuidhnean poblach mu phlanaichean Gàidhlig agus a thoirt gu Ministearan na h-Alba. Feumaidh am Bòrd beachdan a shireadh air dreach dhen stiùireadh seo agus aonta fhaighinn bho Mhinistearan na h-Alba mus fhoillsich e an stiùireadh.